Ar n-Obair ann an SNH

Tha dleasdanas againn airson coimhead as deidh glèidhteachais Alba, leasachaidh an àrainn, seallaidhean-tìre agus fiadh-bheatha a thainig gu bith ann an Alba troimh compàirteachas fada eadar daoine agus nàdar.

Mion-fhiosrachadh ar Prògram rannsachaidh agus Taic Theicneòlach a’ toirt a-steach ro-innleachd rannsachaidh, prògraman làitheil, cùmhnantan airson cur a-mach rannsachaidh.

Tha laghan ann airson dìon a chumail air na beathaichean a tha tearc agus fosgailte gu ionnsaigh, agus tha cead a’ leigeil dhuibh dèanamh ruideigin a bhiodh mì-laghail gun cead.

‘S e ar prìomh dhleastanais – cunntasach airson glèidhteachais agus a’ cur air adhart a bhith ga leasachadh agus a’ toirt an aire air, ach am faigh daoine toileachas às le bhith faiceallach. Tha sinn airson gum bi daoine a’ tuigsinn mun àite agus a’ cur luach air agus obrachadh an fhearainn ann an dòigh a tha taiceil ach am mair e san àm ri teachd. ‘S e aon dòigh airson leigeil seo tachairt – ‘s e an siostam ‘dìon’ a bhios ag obrachadh ann am Breatainn fhèin agus eadar-nàiseanta.

Riaghailt na h-Eòin agus Fiadh-bheatha

Tha Riaghailt nam Fiadh-bheatha air a bhith na chuideachadh mhòr leis a’ Chòimhearsnachd Eòrpach airson a’ toirt an Gnàthas Bi-Iomaidheachd gu bith, a bha air aontachadh le còrr air 150 dùthaich aig an Rio Earth Summit ann an 1992. Còmhla ri bhith a’ stèidheachadh àiteanan le Natura 2000, tha grunn de bhuaidhean nas fharsaing aig an Riaghailt, mar an fheadhainn a tha ceangailte ri Beathaichean Dìona Eòrpach. Bidh Riaghailt na h-Eòin cuideachd a’ dèanamh riatanasan sònraichte airson na h-eòin fhiadh air an dùthaich nas fharsaing air taobh a-muigh na h-àitean a tha air an dìon.

Cùram Nàdarra

Tha prògram ùr air tòiseachadh leis an t-ainm Natural Care a chuidicheas barrachd manaidsearan an fhearainn a dh’fhaighinn buannachd le SSSI air an talamh aca. Tha am prògram seo a’ toirt a-steach Còrdadh Stiùirichean agus Sgeamanan Stiùiriche. Puingean cudromach air SSSIs.

Iomairtean

Tha SNH an dràsta an sàs ann an iomadh phròiseictean air feadh Alba – leis a’ bheachd an toileachas den dualchas nàdarra leasachadh agus aig an aon àm a’ cur luach air agus obrachadh an fhearainn ann an dòigh a tha taiceil ach am mair e san àm ri teachd.

Tabhartas-Cuideachaidh

Bidh SNH a’ cuideachadh choimhearsachdan le bhith a’ toirt seachad tabhartasan airson pròiseactan eadar-dhealaichte.

Tha prìomh-oifis Dualchas Nàdair na h-Alba ann an Dun-Eidinn le oifisean eile feadh Alba. Ge-ta tha ar luchd-obrach air stèidhte ann an trì aonadan ghnìomhachais – Sgìrean a Tuath, Sgìrean taobh an Ear agus Sgìrean taobh an Iar. Tha gach sgìre an urra ri bhith a’ toirt seachad ar prògraman ann an difir chearnaidhean de dh’Alba.

 

Dachaigh Gàidhlig

Oifisean SNH

Sgìrean SNH

Naidheachdan

Faclan Nàdair SNH

Dachaigh Beurla/English