Mu SNH
- Aithris ar Teachdaireachd
- Ar n-amas
- Ar Prionnsabalan Obrachaidh:
Bidh sinn a’ com-pàirteachadh, a’ co-obrachadh, a’ co-rèiteachadh agus a’ co-aontachadh, far a ghabhas dèanamh, le daoine ann an Alba aig a bheil ùidh bhuntainneach: buidhnean poblach, prìobhaideach, saor-thoileach no daoine fa leth.
Tha sinn ag obair ann an dòigh thiomnaichte a tha a' toirt seachad cumhachd airson co-dhùnaidhean a dhèanamh aig an ìre ionadail taobh a-staigh na buidhne gus SNH a bhrosnachadh agus a chuideachadh le bhith nas fàilteachail, mothachail agus dèonach a rèir fheuman agus shuidheachaidhean ionadail.
Tha a h-uile càil a nì sinn air a dhèanamh ann an dòigh fhosgailte, fhreagarrach.
- Mu SNH
Tha ar feallsanachd bhunaiteach sìmplidh: feumaidh sinn cùram a ghabhail air an dualchas nàdarra againn. Cliog ann an seo airson barrachd fiosrachaidh mu dheidhin ar teachdaireachd

Tha dleasdanas againn airson coimhead as deidh glèidhteachais Alba, leasachaidh an àrainn, seallaidhean-tìre agus fiadh-bheatha a thainig gu bith ann an Alba troimh compàirteachas fada eadar daoine agus nàdar.
- Ro-innleachd chorporra
- Leirmheas Bhliadhnail
- Aithisg Bhliadhnail
- Bùird agus Comataidhean SNH
- Beachdan
Ag obair còmhla ri muinntir Alba airson ar dualchas nàdarra a ghlèidheadh
Tha dualchas-nàdair na h-Alba luachmhor aig ìre ionadail, nàiseanta agus na cruinne. Tha sinn ag àrdachadh: cùram dha agus an leasachadh aige; an tlachd cùramach, an tuigse agus an luach nas doimhne a thathas a’ gabhail ann agus an chleachdadh seasmhach dheth aig an àm seo agus anns an àm ri teachd.
Tha prìomhachas againn airson an da thrì bhliadhna (2003-2006) airson a thoirt seachad ar raon-dleastanais farsaing gu ìre ionadail agus gu ìre nàiseanta. Gheibhear na planaichean seo anns ar ro-innleachd chorporra
Tha ar Aithisg Bhliadhnail
a’ toirt seachad fiosrachaidh air dè bhios sinn a’ dèanamh agus dè tha sinn plannadh ri dhèanamh. Tha e cuideachd ag innse dè cho math ‘s a tha sinn dèanamh. Tha dealbhan bhreagha anns an fhoillseachadh anns a bheil 72 dhuilleag agus tha seo ri fhaotainn an asgaidh.
‘S e Bòrd SNH a bhios a’ dèanamh na co-dhùnaidhean air amasan, roi-innleachdan agus polasaidhean le stiùradh bhon Riaghaltas na h-Alba. Tha trì bùird àrainn ann a bhios a’ toirt còmhairle dhan phrìomh bhùird. ‘S e iad seo, Bòrd Sgìrean a Tuath, Bòrd Sgìrean an Taobh Siar agus Bòrd Sgìrean Taobh an Ear, Comataidh Còmhairleachail Saidheansail, Comataidh Stiùiridh Cunnart agus Sgrùdaidh.
Tha sinn an còmhnaidh a’ dèanamh lèirmheas air ar gealltanas. Bidh sinn a' cleachdadh beachdan aig difir dhaoine airson fàighinn a-mach ciamar a dh'fhaodadh sinn leasachadh na h-obrach againn. Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air beachdan a tha aig daoine nuair a ni sinn deogh rud.