Sgìrean SNH

Taobh a Tuath na Gàidhealtachd

Manaidsear Roinn:
Lesley Cranna

Main Street, Goillspidh
Caitibh
KW10 6TG
Fòn: 01408 633602
Facs: 01408 633071

17 Sràid Pulteney, Ulapul
Siorradh Rois
IV26 2UP
Fòn: 01854 613418
Facs: 01854 613419

Creag a' Chnocain

Dualchas Nàdair Taobh Tuath na Gàidhealtachd

  • Dualchas Nàdair na h-Alba anns a’ Ghàidhealtachd a Tuath
  • Mòinteach Chataibh agus Gallaibh
  • Aitichean le fiadh-bheatha is seallaidhean

SNH ann an Taobh Tuath na Gàidhealtachd

“Chì sinn seallaidhean-tìre mar a’ mhòinteach, beanntan, lochan agus glinn a tha ainmeil tron t-saoghail. Feumaidh sinn còimhead as an deidh le cùram, gun a bhith a’ bagairt air ar gnìomhachas turasachd.”

^

Mòinteach Chataibh agus Ghallaibh

‘S e àite nach eil air an luach gu leòr a th’ann am mòinteach Bhreatainn agus chan eil an àrainn air a thuigse gu mòr. Ach ‘s e àite a th’ann aig a bheil dleasdanas eadar-nàiseanta.

Tha mòinteach sònraichte air fàs ris an canar brat mòintich. ’S ann le aimsir Bhreatainn a dh’adhbhraich seo. ‘S e am boglach a th’ann an Cataibh agus Gallaibh aòn den fheadhainn as mòdha san t-saoghail. Tha iomadach fhiadh-bheatha shònraichte anns na h-àiteachan seo. ‘Se siostam beò, miorbhaileach a th’anns a’ mhòinteach seo, ach tha iad mìn. Dh’fhaodadh atharrachadh glè bheag a milleach.

Ceangal ann an seo gu Caithness and Sutherland Peatlands Management Scheme

^

Dè cho mòr ‘s a tha mòinteach Chataibh agus Gallaibh?

Tha a’ mhòr chuid de na beanntan air an còmhdachadh le brat mhòintich. ‘S e seo an àite as mòtha den t-seorsa seo anns an Roinn Eorpa. Tha seo a’ còmhdachadh 400,000 heactair (barrachd air 1500 mìle cheàrnaig) neo 52% de Chataibh agus Gallaibh.

^

Carson a tha mòinteach cho mòr ann an Cataibh agus Gallaibh?

Tha an t-sìde fhluich, fhuarach agus a’ mhòinteach iosal a’ cruthadh an suidheachadh fluich a tha riatanach airson mòine a fàs. Tha seo a’ cuir stad air lusan bhon a’ bàsachadh. Bidh na lusan seo a’ fàs airson mòine a chruthachadh thar na linntean. Feumar coimhearsnachd boglach fallain airson cumadh a’ mhòine a’ chumail buan.

Tha mòine fhathast a’ fàs ann am pàirtean de Chataibh agus Gallaibh, cùrsa a tha, ann am feadhainn de dh’àiteachan, air a bhith a’ tachairt airson 6000 bliadhna. Air an adhbhar sin, ‘s e seo aon de na seallaidhean as seann a th’ann am Breatainn, far am bheil an eachdraidh uile anns an t-àm a dh’fhalbh.

^

An e aòn seorsa de mhòintich a tha’nn a’ mhàin?

Tha tòrr diofar seòrsa de mhòinteach ann, seachd gu bheil aimsir agus cumadh-tìre eadar-dhealaichte bhon an taobh Siar gun an taobh an Ear.

Anns an taobh Siar tha an uisge as àirde a’ cuideachadh mòinteach feur purpaidh agus miortal bhoglach a’ fàs, ach anns an taobh an Ear far am bheil e nas tioram, bith na lusan seo a’ fàs ann am pàirtean a tha nas fluiche. Tha fraoch agus braoileagan nas cumanta ann an suidheachadh tioram. Air àrainn a tha nas rèidh, agus a dh’fhaodadh a bhith 6 meatar domhainn, ‘s dòcha gum faighear lochan cruinn le pàtranan eadar-dhealaichte. Tha mòinteach mòr gun lochan a’ ceangal na h-àrainn seo le pàtranan anns a’ bhoglach, co-cheangailte ri uillt neo bruthaich dhomhainn, neo far nach eil a’ mhòine cho domhainn.

Tha na h-atharraidhean seo a’ toirt seachad difir àiteachan far am faigh beathaichean fasgadh agus dachaidh air a’ mhòinteach. Dh’fhaodadh beathach sam bith pàirtean eadar-dhealaichte den mhòinteach a chleachdadh airson adhbhar sam bith. Bith tòrr eòin a’ neadachadh air talamh nas tioram, ach bith iad ag ithe timcheall air na lochan (lochan dubh).

^

Nach eil mòinteach air feadh an t-saoghail?

Tha, ach tha seallaidhean-tìre le brat mòintich agus gun chraobhan, àraid agus tha iad far am bheil cladach fuaraich a’ mhàin, mar taobh deas Amerigadh a’ Deas (Tierra del Fuego agus Na h-Eileanan Faclanach), An Talamh Ùr, Alasga agus Sealan Nuadh.

Tha barrachd air aon a-mach a deich den bhrat mhòintich an t-shaoghail air an lòrg ann am Breatainn. Tha tòrr dhuibh nach eil a’ cruthachadh mòine tuilleadh seach gu bheil fàsmhorachd an uachdair air a mhilleadh le drèanadh, ath-bheothachadh an àiteachais, a’ gearradh mònach forsaireachd agus truailleadh na gaoithe. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil boglach Chaitibh agus Gallaibh gu math cudthromach air feadh an t-shaoghail. Gu dearbh dh’fhaodadh an àrainn seo a bhith air a mholadh airson làrach Dhualchas na Cruinne.

^

De na lusan a bhitheas a’ fàs ann?


‘S e còinneach dhearg na lusan as cudthromaich anns a’ mhòinteach. ‘S iad seo a’ phrìomh chumhachd den bhoglach. Bidh iad a’ cumail an uachdar bog eadhan nuair a bhios tiormachd chruaidh ann agus thathar cuideachd a’ cruthachadh geuragan a bhios a’ cur càisg air seargadhair fuigheall nam planntan. Bidh fuigheall na còinnich iad fhèin a’ dèanamh an àrda pàirt mhòr den mhòine.

Air na cnocan bidh fraoch, canach, lus na fearnaich agus uaireannan beithe bheag a’ fàs. Air na druinn gheibhear braoileag, fraoch an ruinnse, feur-fionnaidh domhainn, bliochan agus seorsa de lus na fearnaich eile. Tha seorsa lus na fearnaich eile anns na lochan, còmhla ri meithean, riasg boglach agus lus nan laogh iongantach. Tha an lus na bladag annasach air an lòrg anns na lochan dhomhainn.

Tha na lusan fon pholl-mhònach air an gearradh às bhon talamh mèinnearrach agus airson seo, feumaidh iad faighinn beathachadh bhon uisge. Ach bith lus nan laogh, lus na bladag agus bada-measgain a’ faighinn beathachadh le bhith a’ glacadh bèisteagan agus beathaichean eile gun chnàmh-dhroma.

^

Dè an seorsa fiadh-bheatha a tha air an lòrg air a’ mhòintich?

Bidh deoghan-bhiugh, pollaran agus feadagan bhuidhe a’ tighinn as t-Earrach airson sìolaich air a’ mhònteach. Bidh fasgadairean a’ sgeith os coinn na mara agus bidh leargan-mhòr agus leargan-dhubh, gèoidh-ghlas, lochlannaich, crannaichean-lach agus tunnagan-dhubh a’ neadachadh air, agus timcheall na lochan. Tha 66% de ‘n deochan-bhiugh Choimhearsnachd an Roinn Eorpa a’ sìolach ann an seo, agus 35% de na pollaran agus 17% de na feadagan-buidhe. Tha tòrr den sluagh sìolaich iomadach eun-grunnachaidh, sealg-uisge agus eun-cubhartaich an EC tron an àite.

A bharrachd air an sin, bidh beathaichean eile a’ cleachdadh a’ mhòintich, mar bèist-dhubh, fèidh, ruadhagan, geàrran, cait-fiadhaich, cràigeanan, beithir, losgannan agus dearcan-luachrach. Tha bèisteagan cudthromach cuideachd, tha iomadach damhan-nathrach ann an seo agus ‘s e iad a’ phrìomh bheatha airson na h-eun-grunnachaidh agus sealgan-fhiathaich.

^

Carson a tha tòrr ùidh aig daoine anns a’ mhòinteach an dràsta?

Tha e soilleir bho rannsachadh nach eil tòrr bhrat mhòintich anns an t-shaoghail. Tha rannsachadh cuideachd a’ sealltainn gu bheil a’ mhòinteach ann an Caitibh agus Gallaibh eadar-dhealaichte agus nach eil iad air am milleadh. Aig an àon àm tha gnìomhachas na coilltean ionadail ann an difir àitean air am milleadh le bhith a’ cleachdadh crann agus a’ cur chraobhan-baralach.

^

An robh coilltean a-riabh an seo?

As deidh Linn na Deighe mu dheireadh, o chionn 10,000 bliadhna air ais, dh’fhàs craobhan thana tarsainn Cataibh agus Gallaibh. Thòisich mòine a’ fàs far an robh dreanadh truagh agus, nuair a dh’fhàs an talamh lag, an àite coillteach rais, thòisich mòine beag air bheag a’ cruthachadh fàsmhorachd. Gu mu 4000 bliadhna air ais bha coiltean agus preasan ann am iomadh ceàrnaidh fasgach. Nuair a dh’fhàs an aimsir na bu fhluiche agus na b’fhuaire bha i na bu fhreagarraiche airson mòine a fàs agus bhàsaich na craobhan. Gheibhear beagan de na preasan seo fhathast air eileanan ann an lochan.

^

Ciamar a bhios forsaireachd malairteach as ùr a buaileadh air a’ mhòintich?

Fàsaidh craobhan air boglach dìreach ma tha e air a dhreanadh agus air a thorradh. Bith seo a’ greannach inbhe an uisge agus ag atharrachadh am fàsmhorachd. An uairsin tha cruthadh a’ mhòine a’ stad. Tha eòin na coilltich a bhios mu dheireadh a’ tìrich, mu thràth cumanta agus fad is farsaing ach cha bith iad a’ dèanamh an àrda airson na h-eoin coillteach a bhios iad a’ cur nì an àite. Bith a’ chrannadh cuideachd a’ deanamh cron air an abhainn, a’ cruthachadh tòrr pòll. Bith seo a’ cur sgrios air na h-èisg a tha a’ mealgachadh, agus bidh geuragan agus torradh a’ toirt buaidh dhona air planntan fior-uisge agus air bheathaichean.

Ge tà, dh’fhaodadh stìuireadh faiceallach agus leudachadh an coille dùthchasach air talamh a tha ri taobh na puill mhòintich, cuir barrachd meas air ùidh an àrainn. Cuideachd dh’fhaodadh e àrdachadh luach ann an malairt agus glèiteachas nàdarra.

^

Am bith càil eile air an talamh a’ toirt buaidh air a’ mhòintich?

Tha milleadh am fàsmhorachd air uachdair na mòinteach, a’ tachairt le bhith a’ gearradh mhoine airson malairt. Ach, tha e coltach gu bheil iasgach, croitearachd agus stalcadh math dhan fiadh-bheatha agus na puill-mòineach. ‘Se buaidh glè bheag a tha aig feurach, losgadh riaghailteach agus gearradh mòine airson cleachdadh aig an dachaidh.

Tha na cleachdaidhean traidiseanta seo a’ toirt seachad obair do dhaoine agus airson seo, a’ toirt taic don choimhearsnachd ionadail airson an sealladh-tìre ‘Flow Country’ a chumail. Tha cumhachd ann airson turasachd fhiadh-bheatha a’ leudachadh anns an àm ri teachd.

^

Ciamar a tha a’ mhòinteach air a dìon?

An deidh comhairle bhon Riaghaltais agus aithisg air roi-innleachd cleachdaidh an fhearainn le Comhairle na Gàidhealtachd, tha tòrr roinn de mhòinteach aig a bheil inbhe mhath air nochdadh le SNH mar Làrach Annasach a-thaobh Eòlaidheachd (SSSI). Tha an sgeama, a thòisich anns a’ Chèitean 1992 a’ toirt pàigheadh do chroitearan, luchd-tac agus sealbhadairean an fhearainn a bhios ag obair anns an roinn seo, airson an fhearainn a stiùireadh. Bu chòrr dhan sealladh-tìre prìseil seo a bhith beo airson àrdachadh-inntinn agus fòghla

^


 

 

Dachaigh Gaidhlig

Oifisean SNH

Sgìrean SNH

Naidheachdan

Faclan Nádair SNH

Dachaigh Beurla