Fiosan-naidheachd

SNH a’ cuir air bhog stuth foghlam Gàidhlig mu nàdar

12/10/2009

SNH a’ cuir air bhog stuth foghlam Gàidhlig mu nàdar

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) air stuth foghlam mu gnèithean inntinneach na h-Alba a chruthachadh. ‘Se sia bileagan Gàidhlig agus postairean a th’anns an t-sreath ‘Mu dheidhinn’. Tha SNH gan toirt seachad saor an asgaidh gu na sgoiltean Gàidhlig air feadh Alba. Tha na bileagan làn pròiseactan agus cur-seachadan mu dheidhinn nàdar agus Gàidhlig airson tidsearan agus sgoilearan.

Fhuair clann bhon Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis cothrom air na bileagan fheuchainn airson a chiad uair ‘s iad a’ coimhead airson fungi anns na coilltean mun cuairt an sgoil aca. Tha na bileagan ‘Mu dheidhinn’ ag innse sgeulachd gach gnè tro dealbhan, fiosrachadh, bàrdachd, ealain agus drama.

Thuirt Shona Sloan, Oifigear Gàidhlig SNH, a thug a’ chlann a-mach airson coimhead air fungi:
“Chaidh na bileagan ‘Mu dheidhinn’ a dhealbhachadh airson nàdar a thoirt a-staigh dhan chlas. Tha sinn an dòchas gun brosnaich seo a chlann gus barrachd eòlas fhaighinn air an nàdar mun cuairt orra gu h-àraidh na gnèithean mar feòragan ruadh, dearcan-luachrach, fungi, an t-slige mhadaidh, seillein agus làmhan-allain.”

Tha gach postair agus bileag ri fhaighinn air an làrach-lìn aig www.snh.org.uk/gaelic agus thèid aon pasgan de phostairean agus bileagan a chuir gu gach sgoil is aonad Gàidhlig anns na mìosan a tha romhainn.

Airson fiosrachadh a bharrachd, cuir fios gu Shona Sloan aig 01463 725038 neo air post-d: shona.sloan@snh.gov.uk

 

 

 

Dachaigh Gàidhlig

Oifisean SNH

Sgìrean SNH

Naidheachdan

Faclan Nàdair SNH

Dachaigh Beurla/English