Rock On

Mairead NicNèill còmhla ri Seòras Reid, oifigear riaghlaidh na Pàrlamaid

Chaidh an fharpais ‘Rock On’ a chur air chois le Dualchas Nàdair na h-Alba agus le airgid bho Bòrd na Gàidhlig, do chloinn air feadh Alba is aca ri pìos bàrdachd a sgrìobhadh a bha a’ toirt dealbh air geòlas agus sealladh-tìre na dùthcha. ‘S e Mairead NicNèill à Àrd Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil, Barraigh, 15 bliadhna dh’aois a bhuannaich an fharpais Ghàidhlig. Seo Mairead còmhla ri Seòras Reid, oifigear riaghlaidh na Pàrlamaid agus i a’ foillseachadh an dàn snaidhte aice aig taobh a-muigh togalach Pàrlamaid na h-Alba.

Seo am pìos a sgrìobh Mairead:

Beanntan àrda

Fo cheò

Mar chaistealan glasa

A’ fleòdradh sa mhuir