Western Isles

Hebridean Mink Project

| Roimh-Ràdh | Roimh-Ràdh cont.. | Mionc am Beathach | Ann an cunnart | Dleasdanas na Roinn Eòrpa |
| A' coimhead air a' chuis | Naidheachdan agus sian as ùr | Ceangaileachan |

A' coimhead air a' chùis

'S e prìomh amas Pròiseict Mionc nan Eilean Siar, sguir a chuir air dragh agus call do dh'àireamhan eòin a' nideachadh air talamh a tha cudthromach ann an seagh eadar-nàiseanta, air an ainmeachadh fo Ordugh Eòin Fhiadhaich an EC agus cuid de dh'eòin tadhail a tha ann an sgìrean Dìon Sònraichte. Bidh e mar amas aig a' Phròiseict mar sin:

1. Aìreamhan de dh'eòin a nideachadh anns na h-Uibhistean, a tha fo chunnart, a dhìon tromh bhidh toirt am mionc air falbh bho na h-Eileanan seo.
2. Aìreamhan mionc a lughdachadh ann an taobh a Deas na Hearradh airson nach faigh am mionc air ais a dh'Uibhist-a-Tuath.
3. Fiosrachadh a' chruinneachadh air dòighean smachd freagarrach.
4. Coimhead air buaidh sgrios a' mhionc air staid àireamh na h-eòin air an dìon.
5. Mothachaidh de chùisean glèidhteachais eòin agus cudthromachd eadar-nàiseanta na h-Eileanan an Iar a bhrosnachadh, a gabhail a-staigh na cunnartan air aìreamhan eòin bhon mhionc, agus am fiosrachadh a chuir a-mach gu dùthchanan eile 's an Roinn Eòrpa aig a bheil trioblaidean coltach.

Pròiseict Mionc nan Eilean Siar: Dòighean
Tha am pròiseict ag obair le mac-shamhla de 11 neach ag obair slàn ùine thairis air còig bliadhna; 10 neach glacaidh agus aon neach-stiùiridh. Bidh 6 neach glacaidh ag obair an Uibhist-a-Tuath agus am Beinn a' Fhaoghla. Bidh ceithrear eile a' glacadh ann an taobh a deas na Hearradh airson stad a chuir air tuilleadh mionc a bhith siubhal a dh'Uibhist. Bidh oileanach ag obair air Phd cuideachd a' dèanamh obair rannsachaidh.

'Se cèidsichean beaga a thathar a' cleachdadh airson trapadh agus tha iad seo air am falach fo phluic le iasg unnda airson am mionc a thàladh. Glèidhidh iad am beathach ach cha dean iad cron corporra. Thathar a coimhead anns a h-uile trap co dhiù aon turas gach latha agus tha a h-uile beathach air a' ghlacadh ga mharbhadh le aon tacaid dhan cheann le gunna-aeir.

Tha mionc cuideachd sgaipte air feadh Leòdhas 's na Hearradh agus tha e mar amas 'san ùine fhada am beathach a sgrios bho na h-Eileanan an Iar air fad. Tha e mar phàirt chudthromach den phròiseict mar sin, measadh a dhèanamh air àireamhan de mhionc anns gach diofar roinn, agus mar a thathar a seasamh ris an smachd, airson samhail a chruthachadh airson faighinn a-mach mu chosgaisean agus roi-innleachd a dhealbhachadh airson an darna ceum ann an Leòdhas 's na Hearradh. Feumar measadh saidheansail mionaideach a bhith air a dhèanamh air a' ghlacadh, sgrùdadh neo-eisimileach air pailteas a mhionc anns na sgìrean far an robhar a' glacadh, agus samhail de smachd air a mhionc air a chruthachadh.

Bidh sgrùdaidhean bhliadhnail air a dhèanamh air àireamhan eòin a' gineadh ann an Uibhist-a-Tuath agus am Beinn a' Fhaoghla airson coimhead air buaidh na pròiseict mar a tha smachd a' dol air adhart.

Tha comataidh co-obrachaidh coimhearsnachd ga stèidheachadh airson fàilte a chuir air beachdan buidhnean ionadal le ùidh agus bho dhaoine le eòlas ann a bhith glacadh mionc. Tha billleag fiosrachaidh ga chuir air dòigh airson a chuir a-mach anns na h-eileanan agus eile. Thathar a brosnachadh sanasan naidheachd a chuir a-mach air mar a tha cùisean a dol airson mothachaidh ardachadh anns a' phròiseict agus a chuid amasan. Theid am fiosrachadh air a chruinneachadh fhoillseachadh ann an litreachas saidheansail agus bidh bùth-obrach Eòrpach air a chumail aig deireadh na pròiseict airson am fiosrachadh a chuir a-mach cuideachd.

Back

<< Back to About SNH
<< SNH Areas

About Us

Facts & Figures

Natural heritage

Links

News