Western Isles

Hebridean Mink Project

| Roimh-Ràdh | Roimh-Ràdh cont.. | Mionc am Beathach | Ann an cunnart | Dleasdanas na Roinn Eòrpa |
| A' coimhead air a' chuis | Naidheachdan agus sian as ùr | Ceangaileachan |

Dleasdanas na Roinn Eòrpa

Tha Pròiseict Mionc nan Eilean Siar ag amas air prìomh làraich sònraichte le eòin chudthromach, ann an coig sgìrean dìon sònraichte anns na h-Uibhistean: Mòinteach Scadabhaigh, Machair agus Eileanan Uibhist-a-Tuath, Aird agus Borbh, Machraichean agus Lochain Uibhist-a-Deas agus Cillepheadar agus Smeircleit. Tha na SPAs seo a' dèanamh suas pàirt de 'Natura', an lìon-obair de làraich glèidhteachais air feadh an Aonadh Eòrpach, air a dhealbhachadh airson laghan an Ordugh air Eòin Fhiadhaich a' Choimhearsnachd Eòrpach a riarachadh, tromh bhith a dìon agus a' riaghladh sgìrean far a bheil e cudthromach do dh'eòin fhiadhaich. Mar sin, tha 'Natura' cuideachd a gabhail a-staigh Sgìrean Sònraichte a thaobh Glèidhteachais (SACs) a tha air an ainmeachadh fo Ordugh àrainnean a' Choimhearsnachd Eòrpach airson beathaichean no àrainnean a tha fo chunnart.

Tha an dleasdanas airson a bhith dìon làraich 'Natura' air a ghabhail os laimh eadar buidhnean poblach le cumhachdan staideil a buntainn ris an làrach no na tha mun cuairt. As leth an Riaghaltas, tha aig na buidhnean seo ri dèanamh cinnteach gu bheil na làraich air an glèidheal ann an stàid fàbharach le urram ga thoirt dha na puingean sònraichte a dh'adhbhraich a mholadh 's a chiad àite.

Tha comas na làraich seo airson a bhith buannachdail dhan eaconomaidh 's na sgìrean seo cuideachd air aithneachadh. Tha iomadh buidhean an sàs ann am pròiseictean mar seo air a bhith soirbheachail ann a bhith a cleachdadh 'Natura' airson taic airgead a thàladh bhon stòras airgead LIFE aig a' Choimhearsnachd Eòrpach airson riaghladh agus pròiseictean eile a tha a' dìon, ag adhartachadh agus a' brosnachadh glèidhteachais na Roinn Eòrpa. Pròiseict Mionc nan Eilean Siar aon phròiseict den leithid.

Back

<< Back to About SNH
<< SNH Areas

About Us

Facts & Figures

Natural heritage

Links

News