| Roimh-Ràdh
| Mionc am Beathach | Ann
an cunnart | Dleasdanas na
Roinn Eòrpa |
| A' coimhead air a' chuis
| Naidheachdan agus sian as
ùr | Ceangaileachan
|
'S
e plana glèidhteachais nàdair a mhaireas còig
bliadhna a th'ann am Pròiseict Mionc nan Eilean Siar a tha
ag amas am beathach gallda, am mionc Aimearaigeanach a sgrios bho
na h-Uibhistean agus àireamhan a lughdachadh anns an Hearradh,
airson dìon a thoirt dhan àireamh eòin de bhrìgh
eadar-nàiseanta a tha a nideachadh air talamh an sin.
Chaidh am pròiseict a chuir air bhonn gu còmhla le Dualchas Nàdair na h-Alba, Riaghaltas na h-Alba, Comann Rìoghail Dìon nan Eun, Comhairle nan Eilean Siar, Seòmar-obrach Saidheans Meadhanach agus Iomairt nan Eilean Siar. Cosgaidh am pròiseict gu lèir mu £1.65 millein.
Tha leth dhen a seo a tighinn bho stòras airgead nàdarra Eòrpach LIFE, prògram de thaic airgead a tha mar amas a cuideachadh dìon làraich 'Natura' air an ainmeachadh fo Ordugh Eoin Fhiadhaich agus Arainnean a' Choimhearsnachd Eòrpach.
Tha an còrr dhen airgead air a thabhainn mar a leanas: £443,000 bho Dhualchas Nàdair na h-Alba, £150,000 bho Riaghaltas na h-Alba, £52,000 bho Chomann Rìoghail Dìon nan Eun, £100,000 bho Chomhairle nan Eilean Siar, £42,000 bho Seòmar-obrach Saidheans Meadhanach agus £35,000 bho Iomairt nan Eilean Siar.
