Western Isles

Hebridean Mink Project

| Roimh-Ràdh | Roimh-Ràdh cont.. | Mionc am Beathach | Ann an cunnart | Dleasdanas na Roinn Eòrpa |
| A' coimhead air a' chuis | Naidheachdan agus sian as ùr | Ceangaileachan |

Tha am pròiseact glèidhteachas is ùra den Pròiseact Mionc Nan Eilean Siar a’ cosg £2.5millean far an tèid riaghladh na mionc a’ leudachadh gu Leòdhas is na Hearadh as dèidh pròiseact soirbheachail anns na h-Uibhistean.

Tha am pròiseact, a mhaireas còig bliadhna a’ toirt còmhla Dualchas Nàdair na h-Alba, Iomairt nan Eilean Siar, an Esmee Fairbairn Foundation agus Comhairle nan Eilean Siar.

Tha am beathach gallda, mionc Aimearaigeanach – a’ sgaoil bho tuathanas anns na 1950dan – nan creachadairean ionnsaigheach a bhitheas a’ creachadh air uighean agus ògan nan eòin grunnachaidh.

Chaidh am pròiseact a’ steidheachadh gus call agus an àireamh de na eòin grunnachaidh cudtromach eadar-nàiseanta a chuideachadh a tha air an dìon fo Òrdugh Eòin Fhiadhaich na Roinn Eorpa. Tha seo cuideachd a’ toirt a-staigh gnèithean a bhitheas ag imrich ann a Sgìrean Sònraichte fo Dhìon (SPAs).

Tha na h-àireamhan de an h-eòin grunnachaidh cudtromach gu eadar-nàiseanta seo ann a cunnart bho na mionc agus chaidh a’ chiad phàirt den phròiseict seo a chuir còmhla ann an 2001 gus nach bi na mionc stèidhichte anns an h-Uibhistean.

As dèidh dhuinn a bhith soirbheachail anns na Uibhistean,  tha sinn a-nis air gluasad an obair gu Leòdhas is na Hearadh airson agus nach urrainn na mionc tilleadh gu n h-Uibhistean.

Bi an RSPB a’ cumail sùil air àireamhan na h-eòin agus tha dùil gun tèid rannsachadh a’ dhèanamh le Urras an Iasgaich na h-Eileanan an Iar air an àireamh de fry agus parr a tha a’ mhionc cuideachd a’ dèanamh cron air.

Bho toiseach 2007, tha luchd-glacaidh anns na h-Eileanan an Iar air bhith a’ dol tro trèanadh domhainn airson gun bheil iad inbheachdan àrd a’ ruigsinn. Tha an 11 cùrsaichean trèanadh air bhith airson a’ draibheadh 4x4 agus trèanadh quad gu bàta lùths agus obair VHF.

Tha luchd-glacaidh air a bhith ag obair anns na Hearadh, an taobh Deas airson dèanamh cinnteach nach tèid na mionc air ais gu Uibhist agus ag obair suas gu Tuath agus an Iar as a seo gu h-àraidh anns an àiteachan far a bheil an stèarnan ri fhaighinn.

Back

<< Back to About SNH
<< SNH Areas

About Us

Facts & Figures

Natural heritage

Links

News