Western Isles
Hebridean Mink Project
| Roimh-Ràdh | Roimh-Ràdh cont.. | Mionc am Beathach | Ann
an cunnart | Dleasdanas na
Roinn Eòrpa |
| A' coimhead air a' chuis | Naidheachdan agus sian as
ùr | Ceangaileachan |
Ceangaileachan
Làraich Eòrpach - Natura 2000
Tha Obair-Lìn 'Natura 2000' a' gabhail a-staigh Roinnean Dìon Sònraichte (SPA's) fo Ordugh EÒin Fhiadhaich far a bheil iad a' cumai taic ri deagh àireamh de dh'eòin fhiadhaich agus an àrainnean; agus Roinnean Sònraichte Glèidhteachais (SAC's), fo Ordugh Àrainnean far a bheil iad a' cumail taic ri àrainnean, beathaichean no plàntaichean (a bharrachd air eòin) a tha annasach no ann an cunnart. 'S ùrrainn do chuid a dh'àitean a bhith nan SPA's agus nan SAC's.
Tha am briathrar 'Natura 2000' a' tighinn bho Ordugh
Àrainnean Coimisean nan Roinn Eòrpa 1992, agus tha e
a' samhlachadh glèidhteachais airson goireasan phrìseil
nàdarra airson a' bhliadhna 2000 agus air adhart.
Tha an Ordugh Àrainnean a' tighinn bho Àrd-Choinneamh
na Cruinne Rio 1992. 'S e prìomh thabhartas a tha seo bhon
EC airson Co-Chruinneachadh Bith-Iomaidheachd a chuir air bhonn, a
chaidh aontachadh aig còrr 's ceud gu leth dùthaich,
agus a bhith ga stiùireadh ann an Alba, fear de na dleasdanasan
as motha a tha aig SNH. Amas an Co-Chruinneachadh Bith-Iomaidheachd,
an caochladh fiadhbheatha a tha beò air feagh an t-saoghal
a dhìon le bhith a' sealltainn air àrainnean agus diofar
bheathaichean. Mar sin, le bhith ag aithneachadh na roinnean sònraichte
thathar a' faighinn nas fhaisge air beachd shaoghalta a choisinn tromh
obair ionadal.
Bidh SPA's a dol tromh dà ìre:
- Comasach - Far a bheil SNH a' dèanamh co-chomhairle as leth Riaghaltas na h-Alba le iomadh smuain nan daoine leis a bheil an t-àite, daoine a tha a còmhnaidh air an àite agus daoine le ùidh sam bith anns an àite, air an cruinneachadh agus an cuir gu Ministearan Pàrlamaid na h-Alba.
- Seòrsaichte - Far a bheil Ministearan a' Phàrlamaid Albannach as dèidh beachdachadh air aithisg a cho-chomhairle, air tighinn gu co-dhùnadh an làrach a dhèanamh na SPA agus fios a leigeil chon a choimisean Eòrpach. A-mach bho 31 Am Màrt 2000 bha uile gu lèir 116 SPA ann an Alba.
Bidh SAC's a dol tromh trì ìrean:
- Comasach - Far a bheil SNH a' dèanamh co-chomhairle as leth Riaghaltas na h-Alba le iomadh smuain nan daoine leis a bheil an t-àite, daoine a tha a còmhnaidh air an àite agus daoine le ùidh sam bith anns an àite, air an cruinneachadh agus an cuir gu Ministearan Pàrlamaid na h-Alba.
- Tagraiche - Far a bheil Ministearan a' Phàrlamaid Albannach as dèidh beachdachadh air aithisg a cho-chomhairle, a'tighinn gu co-dhùnadh fiosrachadh mionaideach mun làrach a chuir chon a' choimisean Eòrpach airson aontachadh. A-mach bho 31 Am Màrt 2000 bha uile gu lèir 134 SAC ann an Alba.
- Sònraichte - Aon uair 's a tha an làrach air a h-aontachadh aig an EC, tha i air a toirt air ais dhan stàite a dh'ainmich i airson a dearbhadh ron bhliadhna 2004. Thuige seo chan eil ginn SAC's air an sònrachadh an Alba. A thaobh riaghailtean lagh ge ta, bì làraich a tha a'dol tromh chùrsa an co-chomhairle air deiligeadh leotha mar làraich a tha air an sònrachadh.
SSSI's (Làraich Annasach a thaobh Eòlaidheachd)
'S ann fo chomhair Achd Fiadhbheatha 's Dùthcha Bhreatainn
1981 a bhitheas SNH, mar an dleasdanas, a' sònrachadh SSSI's.
'S e àitean eisimpleireach ann an Alba a th'unnda, àraidh
airson am plàntaichean, beathaichean no an cuid àrainnean,
an creagan no an cumaidhean talmhainn, no co-chomhlain sam bith dhiubh
seo. Tha an leithid ann airson dèanamh cinnteach gu bheil daoine
a bhitheas a tighinn gu co-dhùnaidhean mu na h-àitean
- luchd-riaghlaidh an fhearainn agus iadsan a bhitheas gan coimhearlachadh
- mothachal air ùidhean ar dualchas nàdarra nuair a
bhitheas iad a' beachdachadh air dòighean obrach an fhearainn
atharrachadh. Ann an cùrsa bhith ann an còmhradh le
SNH, 's àbhaist do mholaidhean buailteach air cron a dhèanamh
air an ùidh àraidh a bhith air an atharrachadh leis
an dà thaobh ag aontachadh airson 's gum fagar nan làraich
àraidh mar a tha iad. Ged nach eil SSSI's a dèanamh
suas pàirt den obair-lìn Natura 2000 's e rùn
an riaghaltais a th'ann gum feum roinnean air fearann ri'n seòrsachadh
mar SPA, no air moladh dhan EC mar SAC's, a bhith air an còmharrachadh
mar SSSI's airson 's gum faigh iad dìon fo Achd Fiadhbheatha
's Dùthcha Bhreatainn 1981.
Bidh SSSI's a dol tromh dà ìre:
- Comharrachadh - Far a bheil fios air a leigeil gu daoine leis a bheil, agus daoine a tha a' fuireach air an fhearainn, Riaghaltas na h-Alba agus ùghdarrasan dealbhachaidh ionadal, gu bheil ùidh àraidh aig pìos fearainn agus carson, agus gu dè na gnothaichean a dh'fheumas iad comhairle mu dheidhinn.
- Dearbhadh - Bidh SNH a' dèanamh seo taobh a-staigh 9 mìosan as dèidh comharrachadh.
Far a bheil gearrain a thaobh saidheans air a thogail an aghaidh comharrachadh, chan urrainn SNH an làrach a dhearbhadh gun comhairle fhaighinn an toiseachd bho Chomataidh SSSI's a toirt comhairle neo-eisimeil, buidheann a dh'ainmich Riaghaltas na h-Alba.
Còmhla ri comharrachadh an SSSI bidh liosta de dhòighean obrach buailteach air cron a dhèanamh air na comharraidhean cudthromach, a dh'innseas do luchd riaghlaidh nam fearainn mun a h-uile rud a dh'fheumas còmhradh a dhèanamh air an toiseachd le SNH. Bì mapa cuideachd air a thoirt seachad le iomradh air ùidhean saidheansail an roinn.
Leasachadh Eaconomaiceach agus Glèidhteachail
Còmhla ri inbhe SPA no SAC, tha iarrtas a tighinn airson measadh freagarrach a dhèanamh air a h-uile leasachadh a bhitheas air a mholadh 's an àm ri teachd a buntainn ri roinn Natura 2000. Tha seo airson dearbhadh de bhuaidh a bhitheadh aig leasachadh air a mholadh air ùidhean glèidhteachais nàdarra na roinn. Tha molaidhean airson roinnean glèidhteachais a chruthachadh, air dragh a chuir air luchd leasachaidh agus eile mu dheidhinn a bhuill eaconomach a dh'fhaodadh a bhith aca.
Airson na draghan seo a' lughdachadh, bidh SNH a' sireadh co-chomhairle bhrìgheil le luchd-leasachaidh cho tràth 's is urrainn mu na molaidhean aca agus airson comhairle saidheansail gu mionaideach a thoirt dhaibh. Tha seo airson dearbhadh a bheil an leasachadh a th'air a mholadh buailteach bualadh air ùidhean ar dualchas nàdarra agus dè as urrainn dèanamh mu dheidhinn. 'S a chuid as motha de chùisean, 's urrainn planaichean an atharrachadh tràth a seachnadh gearrainean a dh'fhaodadh tighinn suas mun leasachaidh.
SPA MÒINTEACH SCADABHAIGH
Tha
an SPA seo a' còmhdach 4148 heactair de dh'Uibhist-a-Tuath
agus air a dhèanamh suas de bhoglach fharsaing, monadh fliuch
agus lochain fìor-uisge de dh'iomadh meudachd. Tha an làrach
seo na dhachaigh do dh'àireamh àrd de leargain chaola
a' gineadh. Gheibhear leargain dhubha cuideachd a' gineadh air an
loch agus tha àireamhan sònraichte dhen dà shèorsa
learga rim faighinn air an loch. A bharrachd air a sin tha an SPA
a cumail taic ri cruinneachadh de dh'èoin mòinteach
a' gineadh mar an fheadag bhuidhe, am pollaran, am fasgadair, a' mhèirneal
agus an comhachag chluasach. Tha na h-eòin seo uile a nideachadh
air talamh agus fo chunnart bhon mhionc. Tha fios ann gu bheil mionc
air an làrach seo.
MACHAIR AGUS EILEANAN UIBHIST A TUATH
Tha an SPA seo air a' dhèanamh suas le coig sgìrean
de mhachaire air àiteach, talamh croitearachd agus eileanan
mu thaobh an Iar agus a Tuath de dh'Uibhist a Tuath agus cuid de thrì
eileanan ann an Caolas na Hearradh. Tha seo a' còmhdach mu
4876 heactair. Tha an làrach cudthromach airson eòin
a' gineadh, gu h'àraid a' bhothag, am pollaran agus an dreòghann
agus cuideachd airson na h'àireamhan àrd de dh'eòin
grunnachaidh mar a' churracag, am brìdein, an glùineach
mòr, a' naosg agus buidhnean de dh'fhaolagan, steàrnain
agus steàrnain beaga. Tha na h'àireamhan àrd
de dh'eòin grunnachaidh a' nideachadh air talamh mar na faolagan
agus steàrnain fo chunnart bhon mhionc. Chaidh mionc a' ghlacadh
taobh a-staigh an SPA seo mu thràth.
SPA AIRD AGUS BORBH
Tha
an SPA seo ri fhaighinn air taobh Siar Beinn a' Fhaoghla agus a' còmhdach
361 heactair. Tha e a cumail taic ri àireamh chudthromach den
dreòghann a' gineadh. Tha an làrach air a dhèanamh
suas le machaire agus talamh croitearachd le beagan de thalamh fliuch
de choilleagan a tha cuideachd a toirt àrainn do dh'eòin
grunnachaidh, faolagan 's steàrnain. Tha an SSSI air lochain
taobh Siar Beinn a' Fhaoghla a cumail taic ri àireamhan de
dh'eòin grunnachaidh agus eòin sealg a' gineadh. Aig
an ìre seo tha clàran airson mionc bho Bheinn a' Fhaoghla
air tighinn bho taobh Sear an Eilean ach bhitheadh an làrach
seo fo chunnart nan sgapadh am mionc.
SPA MACHRAICHEAN AGUS LOCHAIN UIBHIST A DEAS
Tha sia roinnean de mhachaire air àiteach, talamh croitearachd,
talamh fliuch agus monadh air taobh Siar Uibhist a Deas a' còmhdach
3352 heactair, a' dèanamh suas an SPA seo. Tha e cudthromach
airson steàrnain beaga a' gineadh, a bhothaig, am pollaran,
an dreòghann, agus cuideachd àireamhan àrda de
luatharan glas agus bothagan 's a Gheamhradh. Mar làrach Uibhist
a Tuath, tha àireamh àrd de dh'eòin grunnachaidh
, faolagan agus steàrnain a' gineadh. Tha raon fharsaing de
dh'eòin fhiadhaich sealg an-seo cuideachd a dh'fhaodadh a bhith
ann an cunnart bhon mhionc.
SPA CILLE PHEADAR AGUS SMEIRCLEIT
Tha an SPA seo suidhichte dìreach a-staigh bhon chost aig ceann a deas Uibhist a Deas agus a còmhdach 380 heactair. Mar Aird agus Borbh, tha an sgìre air a dhèanamh suas de mhachaire air àiteach, talamh croitearachd agus talamh fliuch a tha cudthromach airson an àireamh chudthromach den dreòghann a' gineadh. Mar na laraich eile tha deagh àireamh de dh'eòin grunnachaidh an-seo mar a' churracag, agus an càm ghlas.
An Learga Chaol
Tha an learga chaol coltach ann am meudachd ri gèadh agus bidh
iad a' gineadh air lochain beaga fìor-uisgeach agus a' biadhadh
air a' mhuir. Tha mu naoi ceud pàidhear dhiubh a' gineadh an
Alba le àireamhan àrd dhiubh anns na h-Eileanan an Iar,
an Sealtainn agus an Arcaibh. Chan eil iad math air coiseachd air
talamh agus mar sin bì iad a' nideachadh faisg air tràigh
nan lochain agus tha na nidean aca buailteach tighinn fo bhuaidh tuiltean
agus beathaichean eile. Tha iad fo dhìon sònraichte
tromh ràithe an gineadh.
An Learga Dhubh
Tha na leargain dhubha beagan nas motha na leargain chaola agus tha
iad a' gineadh air lochain fìor-uisge nas motha far am bidh
iad cuideachd a biadhadh a mhòr chuid dhen ùine. Tha
iad gu math tearc an Alba, 's gun ann dhiubh ach mu 150 -180 paidhear
le àireamhan àrd anns na h-Eileanan an Iar agus an taobh
a tuath na Gàidhealtachd. Mar an learga chaol tha na nidean
aca buailteach tighinn fo bhuaidh tuiltean agus beathaichean eile
's iad a nideachadh faisg air an tràigh no air eileanan. Tha
iad fo dhìon sònraichte tromh ràithe an gineadh.
An Dreòghann
Bha
glaodh an eòin seo na fhuam eòlach air feadh Breatann
nas lugha na ceud bliadhna air ais ach tha àireamhan a-nis
air tuiteam air sailleibh dòighean tuathanais teann. Tha na
dòighean tuathanais anns na h-Eileanan an Iar agus Eileanan
bho thaobh an Iar Dheas Alba ag iallachadh gun anns na sgìrean
seo a tha an t-eun diòmhair beag seo, coltach ri cearc, a tàmh.
Bidh an t-eun a tadhal am Breatann as t-Samhradh agus a' geamhrachadh
an Afraca a' nideachadh ann am feurach àrd. An-dràsta
tha eadar 600-650 eun fireann a glaodh ann an Breatann agus còrr
agus leth dhiubh sin a tàmh anns na h-Eileanan an Iar. Tha
iad fo dhìon sònraichte tromh ràithe an gineadh.
Trilleachan-Tràghad
Eun-grunnachaidh beag le gob goirid agus pàtran dubh air a
ceann a tha 's an trilleachan-tràghad. Bidh iad a nideachadh
air tràighean cladaich fosgailte, talamh feurach goirid agus
air talamh lom. Bidh iad a cruinneachadh còmhla nam bad mòr
sa Gheamhradh agus a' biadhadh air tràighean gainmheach no
làthach. Bidh an àireamh Bhreatannach de 10,000 paidhear
a' gineadh mar as trice, air, no faisg air cladaichean, ach tha àireamh
àrd dhiubh rim faotainn anns na h-Eileanan an Iar, gu h'àraid
air talamh àitich a' mhachaire an Uibhist 's am Beinn a' Fhaoghla.
Pollaran
Eun grunnachaidh beag a tha 's a phollaran le gob fada agus brù
dhubh. Bidh iad a gineadh thairis air taobh tuath agus Iar Bhreatann,
mar as trice air monaidhean agus bogaich, le cuid air boglaich cladaich
agus talamh feurach. Tha suas ri mìle paidhear dhuibh am Breatann
le àireamh àrd dhiubh air bogaich Chataibh 's Gallaibh,
an Leòdhas, agus air machaire fliuch Uibhist 's Beinn a' Fhaoghla.
B'àbhaist an àireamh as àirde de an cuid nidean
ann an roinn cearnan cilemeatair a bhidh rim faotainn air machraichean
Uibhist ach tha an àireamh seo air tuiteam gu mòr anns
an bliadhnaichean mu dhèireadh air sailleibh àireamh
nan gràineagan. Tha pròiseict Eòin-grunnachaidh
Uibhist an-dràsta fhèin a' coimhead air cùis
nan gràineagan. Tha buaidh a' mhionc cuideachd a cuir ri ìoslachadh
an àireamh a' gineadh.
Steàrnail
Bidh Steàrnail a dèanamh urad siubhal nan imrich na
a' mhòr chuid de dh'eòin a siubhal gach bliadhna eadar
bàrr 's bonn an t-saoghal. Am Breatann bidh iad a gineadh 's
a chumantais gu Tuath agus an Iar gu h'àraid an Alba. Tha àireamhan
àrd dhiubh rim faotainn an Sealtainn agus an Arcaibh. Anns
na h-Eileanan an Iar seo an seòrsa steàrnain as cumanta
a' gineadh ann, agus tha iomadach buidheann teann dhiubh stèidhichte
air eileanan, cladaichean agus air talamh àitich a mhachaire,
gu math tric le ceudan de nidean. Tha fianais ann gu bheil a mhionc
a toirt buaidh air buidhnean den eun an Leòdhas 's na Hearradh
agus tha rannsachadh air eileanan taobh deas Alba a sealltainn gu
bheil mionc nan cunnart mòr de bhuidhnean steàrnail.
Tha iad fo dhìon sònraichte tromh ràithe an gineadh.
Steàrnan
Tha Steàrnain gu math coltach ri Steàrnail
ach tha iad beagan nas motha le gob dearg le oir dubh. Tha iad rim
faotainn nas fhaide gu deas am Breatann ach gheibhear fhathast grunn
cheudan dhiubh anns na h-Eileanan an Iar. Bidh iad a'gineadh ann am
buidhnean, mar as trice air eileanan beaga agus anns na h-Uibhistean
mar as trice air lochain mara an taobh Sear. Tha iad fo dhìon
sònraichte tromh ràithe an gineadh.
Steàrnain Beaga
Tha Steàrnain beaga mu mheudachd smeòraich agus tha
gob buidhe orra le oir dubh. 'S e seo aon de na steàrnain is
annasaiche am Breatann agus bidh iad a' gineadh gu turr air tràighean
gainhmheach. Anns na h-Eileanan an Iar, tha àireamh àrd
den 120-130 paidhear dhiubh a nideachadh air machaire Uibhist agus
Beinn a' Fhaoghla. Tha iad fo dhìon sònraichte tromh
ràithe an gineadh.