De a th’anns an UWP?
‘Se com-pàirteachas le SNH, RSPB agus an Riaghaltas a th’anns an pròiseict Eòin-grunnachaidh Uibhist, a chaidh a’ steidheachadh ann a 2000 a tha ag amas air na h-àireamhan na h-eòin-grunnachaidh ann an Uibhist a dhìon.
Seo na Uibhistean

Mapa de Alba a’ sealltainn na h-Uibhistean
Carson a tha na eòin-grunnachaidh cudtromach?
Tha Uibhist A Tuath, Beinn nam Faoghla agus Uibhist a Deas a’ toirt taic do na h-àireamhan as cudthromaiche de na eòin grunnachaidh leithid gille-feadaig, bothag, cam-glas, naosg, gille-brìghde agus an curracag ann am Breatainn.
Chaidh rannsachadh a dhèanamh ann a 1983 a tha a’ sealltainn gun robh 17,000 paidhir de eòin-grunnachaidh a’ briodadh anns na h-Eileanan, a’ toirt a-staigh 25% den àireamh de na gille-feadaig agus am bothag a tha ri fhaighinn ann am Breatainn agus 10% den àireamh de cam-glas. Chaidh tuilleadh rannsachadh a’ dhèanamh ann a 1995 agus 2000, agus chaidh fhaicinn anns an rannsachadh sin gun deach na h-àireamhan de na eòin-grunnachaidh sìos gu mòr ann an Uibhist a Deas is Beinn nam Faoghla. Ann an Uibhist a Deas agus Beinn nam Faoghla tha na h-àireamhan cha mhòr air dhol gu dìreach leth na h-àireamhan a b’ àbhaist le àireamhan an naosg, gille-feadaig agus am bothag sìos 60%, cam-glas sìos 40% agus an curracag sìos 30%. Ann an Uibhist Tuath far nach eil mòran gràineagan ri fhaighinn tha na h-àireamhan de curracag agus cam-glas air a dhol suas agus na h-àireamhan aig na h-eòin seo a’ dol sìos anns a mhòr chuid de Bhreatainn air fad. Ach, tha am bothag agus an gille-feadaig a’ crìonadh an seo cuideachd.